|
Lyrics:
Tha mi fo mhulad bho sheol mi
A Leodhas, eilean mo ghraidh
Far na dh'fhag mi comunn na h-oige
Is mo chairdean uile ri tamh
Cha phill rium tuilleadh gach solas
'S nach goraich bh'agam nam phaisd
Mo chridhe air a lionadh le d�rainn
'S mo chomhnaidh thairis air s�l
Mo chiabhag tha tana 's air liathadh
O' s cian bho dh'fhag mi do bhagh
Mo chridhe tha g'osnaich gad iargain
Is m'iarrtas tilleadh gach la
Ged 's torrach am fearann 's fo chraobhan
Cha luiginn fuireach na phairt
Bu mhath leam bhith trusadh nan caorach
'S an fhraoch an eilean mo ghr�idh
O nach robh mise far 'n iarrainn
An Siadair Iarach a' tamh
Far na dh'fhag mi comunn bha rianail
Aoidheil, carthannach, tlath
Chan iarrainn a shonas gu siorraidh
Chan iarrainn solas gu brath
Ach dachaigh bhith agam na chriochan
Fo riaghladh na Athair na Slaint'
Togaidh mi fhathast na siuil rithe
Ma chaomhnas Dia rium mo shlaint'
'S gu faigh mi fom shealladh na st�can
Bha muirneach agam nam phaisd
Nuair ruitheas mo laithean san t-saoghal
B'e mo dhurachd faighinn ann bas
'S mo charadh an taic ri mo sh�nnsir
'S a ghl�b ri creagan na h-Aird
Download Now!!!
Copyright © 2020 Zortam.com. All Rights Reserved.
|